Boinne ann am beul na gaoithe
Published Date:
04 October 2008
THUIRT Michael Russell, Ministear na h-Àrainneachd, gun lean e cuid a mholaidhean aithisg Shucksmith air son leasachadh na croitearachd. Bheir e a-steach riaghailtean a bheir air daoine dearbhadh gur e dachaighean làn-thìde, 's nach e taighean samhraidh, a bhios ann an togalaichean air fearann croitearachd.
BHÒT buill phàrlamaid Taigh an Ròid 72 ri 47 an aghaidh molaidhean an Riaghaltais gus an aois aig am faodar deoch làidir a cheannach àrdachadh ann an Alba bho 18 gu 21.
NOCHD fianais gun do chuir an luibh-eòlaiche an t-Oll. John Heslop-Harrison luibhean annasach ann an ùir Eilean Rùm anns na 1940an a dh'aona ghnothach gus a chliù fhéin àrdachadh.
THA seirbheis aisig a' tilleadh gu Sròm Loch Carann air an deireadh seachdain seo. Stad an t-aiseag a' ruith o chionn 40 bliadhna, ach tha bàta ga cur air dòigh do luchd coiseachd fhads a tha an rathad eadar Àird an Arbha agus Atadal dùinte air son beagan làithean gus a chàradh.
The full article contains 186 words and appears in The Scotsman newspaper.
-
Last Updated:
03 October 2008 10:30 PM
-
Source:
The Scotsman
-
Location:
Edinburgh
-
Related Topics:
Gaelic language