An Eaglais Bhreac: àite dham biodh a sheanair fhèin a' tighinn sna 1880an. Sguad aca a' fàgail Roghadail air bàta gu ruige Ùige an Eilein Sgitheanaich agus an uair sin a' dròbhadh a' chruidh romhpa tro Eilean a' Cheò mus snàmhte a-null a Ghleann Eil
ge iad is an uair sin gan dròbhadh a-rithist tro mhonadh is fraoch tro Ghleann Seile, Gleann a' Ghàrraidh, is deas an uair sin tro Dhrochaid Urchaidh gu Both-Chuidir is mu dheireadh thall a' ruighinn na Fèille – siorcas làn ùpraid, ula-thruis, iomairt agus òil.
Agus 's e an aon dòchas a bh' aige gum faigheadh e prìs air choreigin air na beathaichean – gu leòr a sgillinnean a leigeadh leis a dhol dhachaigh agus teaghlach de 11 a chumail beò chun na h-ath-Fhèille. Uaireannan dh'fhàsadh bò meadhanach air an rathad a-nuas, uaireannan eile cha bhiodh an luchd ceannachd a' biodadh ceart an aghaidh a chèile ach a' gabhail turas mu seach air a' ghnothaich, a' dèanamh cinnteach gun sgobadh iad leotha feòil mhath Ghàidhealach air feòirling.
Cha chuireadh am bodach, seanair mo sheanar, earbsa ann an duine sam bith eile. Bheireadh esan leis an crodh aige fhèin. 'S ann air a bhiodh a' choire nan deigheadh dad ceàrr. Cha b' ann aon uair a dhiùilt e, Calum Mac Iain Bhig, a shaothair bliadhna a thoirt seachad air sìneadas suarach.
"Cha d' rinn e ach a h-uile tè aca a thoirt dhachaigh, a Nèill – fad an rathaid dhachaigh a Roghadal. Bha uair ann, an dèidh Fèill an fhoghair – an tè mu dheireadh dhen bhliadhna – is cha reiceadh e seice ri na robairean. Choinnich e ri fear faisg air Stenhousemuir, mìle no dhà an taobh a-muigh na h-Eaglaise Brice – tuathanach a bh' ann – agus an t-uisge a' dòrtadh a-nuas. Ghabh an tuathanach truas ris, thug e àite dha san cuireadh e an oidhche seachad, is chaidh na beathaichean do thè dhe na bàthchannan aige fhèin. An làrna-mhàireach dh'fhaighnich e dhem sheanair, dè na bh' aige de theaghlach, is dè bhiodh e a' cur agus an robh caoraich aige is dè na dh'fheumadh e air na beathaichean airson 's nach bàsaicheadh iad leis an acras. 'Uill,' orsa esan, 'A Chaluim, chan e tuathanach beairteach a th' annamsa coltach ris an fheadhainn a bha a' feuchainn rid mhealladh an-dè air an Fhèill, ach tha crodh agadsa a tha cho math air am beathachadh is air an coimhead às an dèidh ri gin a chunna mi riamh am-bliadhna. 'S urrainn dhòmhsa a' phrìs a dh'ainmich thu a thoirt dhut ach bu thoigh leam cuideachd rudeigin eile a thoirt dhut còmhla ris.'
"Leis a sin thug e dà shòbharan òir a-mach à bogsa sheudan. ''S ann far na h-Armada a thàinig iad seo,' ars esan, 'chaidh an toirt dhomh, dh'fhaodadh tu ràdh, 's mi san aon chàs riutsa, agus b' e fear a mhuinntir an eilein agad fhèin a thug dhomh iad. Tha iad air a bhith nan adhbhar seilbh dhòmhsa thar nam bliadhnaichean is tha mi an dòchas gun toir iad an nì ceudna thugadsa."
The full article contains 596 words and appears in The Scotsman newspaper.