Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

The hunt is On.
Sponsored by
Can you track down Scotland's wildest beastie?
 
 
Friday, 9th January 2009

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Se an gnìomhaire a dhearbhas: leabhar cànanachais ùr làn spòrs is seanchais



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 28 June 2008
"AM BALL ma-thà aig Bett, Bett le Johnson air an loidhne air an taobh a-muigh, Bett fhèin a' ruith suas gus an deach Johnson a-steach dhan a' mheadhan gu McClair. Chaill McClair i, tha i aig Hatsibegic, Hatsibegic ga cur gu Bostardivic, Bostardivic leatha a-mach gu Stanoykavic, Stanoykavic air an loidhne air taobh thall na pàirc, a-null dhan an taobh sa ge-tà gu Spasic, Spasic 's Nichol a' tighinn a-mach ma choinneamh . . ."
Dé tha ri ràdh mu dheidhinn siud? Tha tòrr ellipsis ann - tha "tha" agus "agus" gu mór a dhìth.

Tha sin a' sealltainn, gu ìre, dé seòrsa leabhair a th' ann a William Lamb, Scottish Gaelic Speech and Writing: Register Variation in an Endangered Lan
guage (Cló Ollscoil na Banríona, Beul Feirste, £19.50). Tha muinntir Uibhist eòlach air an ùghdar oir tha e teagasg ann an Colaiste Bheinne Bhadhla. Ma tha ùidh agad ann an gràmar na Gàidhlig bidh thu air son an leabhar a leughadh thu fhéin; mur eil, feuchaidh mi r'a mhìneachadh dhut cho goirid 's a ghabhas!

Ghabh Lamb 63 feartan cànain, leithid relative clause neo imperative verb. Ghabh e an uair sin earrannan de dh'ochd diofar sheòrsaichean Gàidhlig: còmhradh, agallamhan réidio, aithriseachd spòrs, rosg foirmeil, ficsean, seanchas tradiseanta, scriobtaichean naidheachd agus agus sgrìobhadh fèilleil. (Am measg an sgrìobhaidh fhèilleil tha airtigealan a thàinig on phàipear-naidheachd seo.)

Rinn e coimeas an uair sin eadar na seòrsaichean, feuch dé an uiread de gach feart a bh' anns gach gin. Sin aon dòigh air "stoidhle" a thomhas. Mar eisimpleir, sann aig "sgrìobhadh fèilleil" a b' fhaide na faclan 's a bu bheairtiche am briathrachas - air a thomhas leis an type-token ratio, neo an àireamh de dhiofar fhaclan anns gach uiread fhacal.

Sann eadar sgriobtaichean naidheachd agus seanchas tradiseanta a b' inntinniche na diofairean. "One would expect, given its mode and arguably greater formality, that news language would be the more conservative, but this is not the case." Ann am briathran eile, ged tha na naidheachdan sgrìobhte 's nach robh na sgeulachdan, sann anns na sgeulachdan a gheibhear an an gràmar as fheàrr. Ann a bhith a' mìneachadh car son, tha Lamb ag ràdh ann an nota-coise: "Since the 1990s, there have been more cases of semi-fluent speakers delivering the Gaelic news, echoing the situation in Ireland."

Tha diofar eadar prescriptive agus descriptive grammar. Tha treas cuid den leabhar air a thoirt do ghràmar descriptive na Gàidhlig, a' gabhail a-staigh rudan cumanta nach eil sna leabhraichean, leithid "a chionn bha fearg orm". Cuiridh móran fàilte air an leabhar mar thoradh air an fhiosrachadh seo.





The full article contains 492 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 27 June 2008 11:49 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
1

The Canadian,

28/06/2008 09:09:19
Cha toir an sgeama far a bheil iad a teagaisg Gaidhlig mar chuspair anns an Taigh-Sgoile, aon phaisde gu bruidhinn na Gaidhlige.
Airgiod agus obair gun fheum.
2

The Canadian,

28/06/2008 09:51:37
Carson agus ciamar a tha na daoine tha seo cho ainealach agus lan gaoith.

Chan urrainn gu bheil iad cho fada air ais thaobh leasachadh na Gaidhlig anns an Seann Duthaich.
3

radge dug,

28/06/2008 18:08:34
Carson nach eil beachdan ceadaichte aig a' phios eile? Se caitheamh-uine a th'anns an GLPS, mar Fraingis is eile ann an MLPS. As deidh 3 no 4 bliadhna, chan eil ach facal no dha aig a' chloinn. Theirig is faic. Eil Mata MacIomhair as a rian?!

Se foghlam tron mheadhan a ni an diofar.

Let's see more Gaelic medium instead of the useless waste of money that is GLPS.
4

The Canadian,

28/06/2008 19:48:04
Co mheud paisde le Gaidhlig a bhitheas ann as deidh 3 neo 4 neo 5 bliadhna dhan a phrogram seo.
Cha bhith aon leanaibh neo paisde.
Abair sgudail gun fheum.
5

Duine,

Inbhir Nis 07/07/2008 16:44:29
Chan eil fhios 'am carson nach eil teachdaireachdan ceadaichte air an duilleag sin, ach tha mi a' dol leibh shuas!

The Canadian,

Tha sinn gu math air dheireadh! Ach tha sinne, a tha an dòigh air choireigin an sàs ann an strì na Gàidhlig, a' tuigsinn nach e rud 'anabarrach cudromach' a tha anns a leithid GLPS . Ann am foghlam a tha fios gur e teagasg tro mheadhan a' chànain a tha gu feum, agus aig a' char as fheàrr le goireasan is a h-uile rud aig an teagasg - mar sin an àite 'aonadan' ann an sgoiltean, sgoiltean uile gu lèir ann an Gàidhlig. 'S e sin an t-amas a tha againn (agus co-dhiù bu chòir dhuinn foghlam a chur às dèidh na coimhearsnachd is an dachaigh fhèin).

Tha sgeamaichean mar GLPS a cheart cho cudromach dhan Ghàidhlig 's a tha teagasg na Fraingis sna h-àrdsgoiltean dhan chànan sin. Chan eil sinn idir cho fileanta ann am Fraingis ann an Alba! Gu dearbha gu tric chan eil na clasaichean sin ach a' cur dhaoine dheth.
6

Duine,

Inbhir Nis 07/07/2008 16:52:07
A thuilleadh air sin,

's e seo an seòrsa rud a tha aca nas trice ann an Èirinn, agus a dh'aindeoin gach rud a bhios an riaghaltas an sin ag ràdh tha Gàidhlig na h-Èirinn ann am fìor dhroch shuidheachdh - ann an cuid de dhòighean nas miosa na a' Ghàidhlig againne. Mhothaich mi dè cho gràineil 's a bha inbhich òga dha Gaeilge, oir bha aca ri clasaichean-ionnsachaidh no gràmair a dhèanamh innte mar chuspair.

Tha sinn ag iarraidh gach leudachadh is leasachadh dha ar cànan ann am foghlam, agus tha sinn feumach air gach maoineachadh is taic air a shon. Feuch gun tèid a leithid a chur ri iomairtean is foghlam a bhios dha rìribh 'anabarrach cudromach' le Gàidhlig na meadhan-conaltraidh is teagaisg seach na cuspair fa leth. Beò!

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.