Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

The hunt is On.
Sponsored by
Can you track down Scotland's wildest beastie?
 
 
Friday, 9th January 2009

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Suirbhidh a' nochdadh neart na Gàidhlig



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 04 October 2008
GED nach deach an sgrùdadh luchd-obrach aig Comhairle na Gaidhealtachd fhoillseachadh gu h-oifigeil fhathast, tha na ciad bhuilean 'nan adhbhar dòchais do mhanaidsear leasachaidh na Gàidhlig aca, Dòmhnall MacNìll.
Tha e coltach gu bheil cha mhòr 6 sa cheud den 35 sa cheud de luchd-obrach a chuir ceisteachan air ais comasach air Gàidhlig a bhruidhinn chun na h-ìre far an tèid aca air còmhradh a chumail, 's gu bheil ùidh aig 37 sa cheud ann an Gàidhlig ionnsach
adh. Thuirt Mgr MacNìll: "Chaidh an suirbhidh a dhèanamh mar aon de na gnìomhan ann am Plana Gàidhlig na Comhairle. Bha sinn son dèanamh a-mach cia mheud de luchd obrach na Comhairle aig a bheil comasan sa chànan – gach cuid labhairt agus litreachas. Seach sin, dh'iarr sinn orra innse dhuinn nan robh ùidh ac' anns a' chànan ionnsachadh gu ìre air choreigin.

"Tha beagan a bharrachd air sia sa cheud den luchd-obrach aig a bheil comas Gàidhlig a bhruidhinn, 's mu chòig sa cheud le comas sgrìobhaidh agus leughaidh.

"Tha e gu math inntinneach gun d'fhuair sinn 35 sa cheud de na ceisteachain air ais uile gu lèir. Air son rannsachadh coitcheann 's nas motha tha a' Chomhairle a' dèanamh air an luchd-obrach gach dà bhliadhna, bithear a' faighinn mu 40 sa cheud air ais, agus leis a-sin tha e math gun deach againn air na tha seo de dh'ùidh a nochdadh sa chànan, gu h-àraid seach gun deach an rannsachadh seo a dhèanamh an teis meadhan an t-samhraidh.

"Faodaidh sinn brath a ghabhail air a-seo le bhith cur a' Phlana Ghàidhlig againn an cèill."

A rèir ceannard sealadach Bòrd na Gàidhlig, Rosemary Ward, tha an suirbhidh a' dearbhadh gu bheil ùidh mhòr aig luchd-obrach Comhairle na Gaidhealtachd anns a' Ghàidhlig 's ann a bhith cleachdadh Gàidhlig 'nan àit' obrach. "Bu chòir gum misnich seo a' Chomhairle gu amasan a' phlan' aca a choileanadh 's tuilleadh sheirbheisean a thairgse tron Ghàidhlig.

"Bheir Bòrd na Gàidhlig agus na buidhnean Gàidhlig eile taic dhan Chomhairle gus dèanamh cinnteach gun tèid aca cothroman ionnsachaidh a thairgsinn dhan luchd-obrach aca."







The full article contains 403 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 03 October 2008 10:27 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
  • Related Topics: Gaelic language
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.